Inicio Bad Bunny Canciones Religiosas Taylor Swift Ed Sheeran Luis Fonsi Ozuna Daddy Yankee J Balvin Maluma DMCA

Escuchar música y letra de Cumha Alasdair Dhuinn de James Graham - Escucha y canta NewMusicas

Artist profile picture

Cumha Alasdair Dhuinn

James Graham

Canciones

'S trom an luchd so th' air m' inntinn
Agus m' uirsgeul r' a innse gur truagh
Thriall mo shùgradh 's mo mhànran
Lìon tùise 'na àite mi 's gruaim
Tha mo choill air a maoladh
'S nì soilleir a shaoil air mo ghruaidh
'S tearc mo shocair r' a fhaotainn
O' n là ghlacadh le aog thu cho luath

'S ann a' cheud là do 'n earrach
Bhuail an t-eug orm, an spealadair lom
Bhrist air ubhlan mo ghàrraidh
Leag e m' abhall fo bhlàth bharr a bhonn
Riumsa bhuin e neo-fharasd
Nuair thug e uam Alasdair Donn
Mo chruas iomart 's mo charrachd
'S truagh dhuinne nach tearainn sinn bonn

'Se do chàradh fo eislig
Rinn mo chràladh fo asnach mo chlèibh
Chuir mo chrìdh as a chochall
Chor 's nach suidhich e socair 'na dhèidh
Gura luaithe e le bhuillean
Na mar ghluaiseas an duilleach air ghèig
Chaidh mo shlàinte gu mearan
Chan eil feum bhith 'ga ghearan ri lèigh

Thriall gach socair bha agam
Chaidh mo chòmhnaidh 's mo chadal an lugh'id
Tha leann-dubh agus airtneal
Gam tharruing gu leabadh nam shlaod
'Gam shìor ruagadh 'nam shlapan
Dh' aindeoin cruadail na tapaidh g' am faod
Tha mo ghuala gun taice
O'n là bhuaileadh tu 'shlacan an aoig

Más de James Graham

13 canciones
  • Cumha Alasdair Dhuinn
  • An Rìbhinn Donn
  • Maol Donn
  • A' Bhriogais Uallach
  • Breisleach
  • O 'S Toil 'S Gur Ro-thoil Leam
  • Òran An t-Saighdeir
  • Mullaichean Rudha Stòir
  • Och Òin Mo Chailinn
  • Alasdair Mhic Cholla Ghasda
  • Nam Aonar Le Mo Smaointean
  • Mo Bhò Dhubh Mhòr
  • Viral
  • Inicio Bad Bunny Canciones Religiosas Taylor Swift Ed Sheeran Luis Fonsi Ozuna Daddy Yankee J Balvin Maluma DMCA